Trèana air ais air an rèile

Làrach na tubaiste Image copyright NetworkRail Alba

Chaidh an trèana a bhuail ann am maoim-slèibhe air a' Ghàidhealtachd Diluain a chur air ais air an rèile.

Tha dùil gun tèid a gluasad an ceartuair.

Thachair an tubaist tràth Diluain faisg air Gleann Fhionnainn nuair a chaidh an trèana a-steach gu maoim-slèibhe ri taobh Loch Eilde.

Bha seachdnar air an trèana aig an àm - còignear luchd-siubhail nam measg - ach cha deach duine aca a ghoirteachadh.

Bha busaichean a' ruith eadar Malaig is an Gearasdan bhon uairsin.

Tha sgiobaidhean bho NetworkRail Scotland air a bhith ag obair feuch na tonnaichean de sprùilleach a ghluasad far na rèile, is an trèana a-nise air an loidhne a-rithist.

Thuirt iad gu bheil iad air adhartas math a dhèanamh ann an "suidheachadh dùbhlanach".

Image copyright NetworkRail Scotland

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile