Suas an Hi-Hi

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Ailean MacLeòid is Alasdair MacAoidh a' tadhal air Cathkin.

'S e dealbh a th' ann a bhios cha mhòr a h-uile duine le ùidh ann am ball-coise na h-Alba ag aithneachadh.

Pàirce Chathkin an Glaschu, is craobhan a' fàs far an robh na mìltean de luchd-leantainn uair a' cur taic ri Third Lanark, an 'Hi-Hi'.

Chaidh Thirds, sgioba a chaidh a stèidheachadh ann an 1872 is a bhuannaich Cupa na h-Alba dà thuras, à bith ann an 1967.

Chan e suidheachadh uile gu lèir annasach a bha sin oir bha sgiobaidhean eile a bha uair fìor mhath, leithid St Bernard's ann an Dùn Èideann, cuideachd air a dhol à bith thar nam bliadhnaichean.

Bha gnothach Third Lanark buileach duilich ge-tà, oir 's e cluba a bha seo a bha a' cluich aig an ìre as àirde de bhall-coise na h-Alba dìreach dà bhliadhna mus deach iad à bith.

Aig cridhe a' chrìonaidh bha fear Bill Hiddelston, fear a bha do luchd-leantainn Thirds co-dhiù na rògaire 's a rinn creachadh air a' chluba gus buannachd fhaighinn dha fhèin.

Cha tàinig a' bhuannachd sin gu bith oir chaochail Mgr Hiddelston san aon bhliadhna 's a chaidh an cluba à bith.

Ged nach robh luchd-leantainn Third Lanark a' caoidh Bill Hiddelston, bha gu leòr a bha a' faireachdainn rudeigin caillte nuair a dh'fhalbh an cluba aca.

Bha Alasdair MacAoidh, a bha na rùnaire air nàbaidhean Thirds, Queen's Park, eòlach gu leòr air seòid Chathkin.

Meas

"S e fìor àite a bh' ann agus an luchd-taic a bh' aca, bha iad gu math dèidheil air", thuirt Alasdair.

"S e buille mhòr a bh' ann don fheadhainn a bha sin agus tha mi a' smaoineachadh gun do choisich tòrr dhaoine air falbh.

"Bha feadhainn ann a chaidh gu Queen's Park, feadhainn eile chaidh iad sìos a Chluaidh, is feadhainn eile chaidh iad a choimhead air Pollok Juniors.

"Bha e nan cridhe gur e Cathkin Park an t-àite, Third Lanark - an Hi-Hi. 'S e buille mhòr a bh' ann", thuirt e.

Dh'fhuirich Thirds beò ann an cuimhneachan is cridheachan nan daoine sin, is leis gun deach Pàirce Chathkin fhèin fhàgail mar a bha i, chuir luchd-leantainn òga nach fhaca a-riamh an Hi-Hi a' cluich eòlas air an sgeulachd cuideachd.

Chuinnaic na h-uimhir dhuibh an t-seann phàirce thar nam bliadhnaichean is iad a' coiseachd a Hampden faisg air làimhe.

Tha BBC Alba a-nise air an Hi-Hi a thoirt air ais beò, 'son oidhche co-dhiù, le prògram sònraichte mun chluba.

Cluinnidh iad bhon fheadhainn a bha thall 's a chunnaic anns na bliadhnaichean mu dheireadh de Third Lanark.

Chìthear 'Third Lanark' air BBC Alba oidhche Shathairne aig 9f.