Fàilte air Bile Oighreachd a' Chrùin

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Chaidh Bile Oighreachd a' Chrùin fhoillseachadh.

Tha Comhairle nan Eilean Siar an dòchas gum bi iad air sealbh fhaighinn air cuid de chumhachdan Oighreachd a' Chrùin an ath-bhliadhna.

Thuirt a' Chomhairle cuideachd gum biodh iad gu math toilichte cumhachdan fhaicinn ann an làmhan bhuidhnean coimhearsnachd.

Chaidh Bile Oighreachd a' Chrùin a thoirt a-steach a Phàrlamaid na h-Alba Diardaoin.

Tha e a' mìneachadh mar a thèid cumhachdan Oighreachd a' Chrùin, a chaidh a ghluasad bho Lunnainn a dh'Alba sa Ghiblean 2017, a làimhseachadh san àm ri teachd.

Bheireadh a cothrom do chomhairlean ionadail is buidhnean coimhearsnachd pìosan den oighreachd a ghabhail os làimh.

Fàilte

Chuir Comhairle nan Eilean Siar fàilte air a' bhile.

"Tha e follaiseach gu bheil sinn a' faighinn, gu ìre mhòr, an rud a bha sinn a' sireadh bho thùs", thuirt fear-gairm Comhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach.

"Sin gum biodh comas aig ùghdarrasan ionadail agus buidhnean eile aig ìre ionadail smachd a bhith aca gach cuid air na co-dhùnaidhean a bhathas gu bhith a' dèanamh a thaobh Oighreachd a' Chrùin, is cuideachd an teachd a-steach a tha na lùib.

Thuirt Mgr Dòmhnallach gum biodh a' Chomhairle a' sireadh soillearachaidh air mar a dh'obraicheas an siostam a thaobh chumhachdan a chur sìos gu buidhnean coimhearsnachd.

Ged a thuirt e gum bi a' Chomhairle glè thoilichte cuid de na cumhachdan fhaicinn ann an làmhan nam buidhnean sin, dh'iarr e mìneachadh air gu dè an ìre a bhios an Riaghaltas an lùib nan co-dhùnaidhean sa chiad dol a-mach.

Dh'innis Mgr Dòmhnallach gu bheil an dòchas gum bi cuid de na cumhachdan ann an làmhan na Comhairle taobh a-staigh bliadhna gu leth.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile