Adhartas le trèana a' phuill

Tubaist Image copyright NetworkRail Scotland

Thuirt NetworkRail Alba gu bheil iad a' dèanamh adhartais le trèana a bhuail ann am maoim-slèibhe air a' Ghàidhealtachd.

Thachair an tubaist tràth Diluain faisg air Gleann Fhionnainn nuair a chaidh an trèana a-steach gu maoim-slèibhe ri taobh Loch Eilde.

Bha seachdnar air an trèana aig an àm, còignear luchd-siubhail nam measg, ach cha deach duine a ghoirteachadh.

Bha busaichean a' dol eadar Malaig is an Gearasdan bhon uairsin.

Tha sgiobaidhean bho NetworkRail Scotland air a bhith ag obair feuch na tonnaichean de sprùilleach a ghluasad far na rèile.

"Tha sinn air an uisge a bha timcheall na trèana dhrèanaigeadh is tha sinn a-nise ag obair air a' pholl fhèin", thuirt fear-labhairt bho NetworkRail.

"Feuchaidh sinn ris an trèana a chur air ais air an rèile Diardaoin air neo Dihaoine.

"Às dèidh sinn, nì sinn obair-càiridh air an loidhne agus an tuilleadh obrach gus cliathach an t-slèibhe a dhèanamh seasmhach", thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile