Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

25 Am Faoilleach 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Fòram

Tha Dòmhnall Trump air an Eilbheis a ruigheachd 's e gu bhith an làthair aig Fòram Eaconomaigeach na Cruinne. 'S e a' chiad ceann-suidhe Aimeireaganach a th' air pàirt a ghabhail anns an fhòram ann an Davos bho thadhail Bill Clinton air a' cho-chruinneachadh bho chionn ochd bliadhna deug. Ann an tweet mus an do dh'fhàg e na Stàitean, thuirt Mgr Trump gun robh e a' dol a dh'innse dhan t-saoghal gu lèir cho math 's a bha Aimeireaga a' dèanamh.

Deasbad

Thèid deasbad a chumail ann am Pàrlamaid na h-Alba feasgar air am bu chòir cur às don chasg air dol a-mach gràin-chreidmheach aig a' bhall-coise. Tha na pàrtaidhean dùbhlanach uileag airson an achd, a chaidh a thoirt a steach ann an 2011, a mhì-laghachadh. 'S e am ball Làbarach, Seumas Kelly, a th' air cùl a' ghluasaid 's e a' cumail a-mach gu bheil an t-achd air a dhroch sgrìobhadh agus gu bheil luchd-leantainn gam peanasachadh gu mì-chothromach. Tha ministearan ag ràdh gun toireadh e seachad teachdaireachd gu tur cearr nan deadh cur às dhan achd.

Ionnsaigh

Thuirt a' bhuidheann chathrannais, Save The Children, gun deach ceathrar den luchd-obrach aca a mharbhadh nuair a thug luchd-gunna ionnsaigh air na h-oifisean aca ann an Afghanistan. Tha a' bhuidheann a-nise air dàil rè-ùine a chur air an cuid obrach 'san dùthaich às dèidh na h-ionnsaigh mairbhtich ann an Jalalabad an-dè.

Poilis

Dh'innis am fear a bha na chathraiche air Ùghdarras Poilis na h-Alba gun robh e follaiseach dhasan nach robh Rùnaire a' Cheartais, Mìcheal MacMhathain, airson 's gun tilleadh an t-Àrd-chonstabal aig Poileas Alba air ais a dh'obair. A' toirt fianais do thè de chomataidhean na Pàrlamaid Albannaiche an-diugh, thuirt Anndra Flanagan gun robh e a' smaointinn gun tug Mgr MacMhathain breith air co-dhùnadh an SPA gum faodadh Phil Gormley tilleadh gu a dhreuchd, mus deach an t-ùghdarras air ais air a' cho-dhùnadh sin.

Mèirle

Tha boireannach aois 83 ann an suidheachadh èiginneach san ospadal ann an Èirinn a Tuath às dèidh do mhèirlich a dachaidh ann an Contae Thìr Eoghain a chreachadh. Tha e air a thuigsinn gun robh am boireannach - a chaidh a h-ainmeachadh gu h-ionadail mar Pat Davidson - a' feuchainn ri teicheadh bho na mèirlich nair a thuit i a-mach à uinneig shuas an staidhre. Tha na poilis ag ràdh gu bheil iad a' dèiligeadh ris a' chùis mar oidhirp murt.

Oighreachd a' Chrùin

Thèid am bile air mar bu chòir dèiligeadh ri cumhachdan Oighreachd a' Chrùin mu choinneamh na Pàrlamaid Albannaiche an-diugh fhathast. Ged nach eil fhios le cinnt dè bhios innte, tha dùil gu bheil an Riaghaltas air gabhail ri molaidhean a thàinig bhon cho-chomhairleachadh gum bu chòir cuid do chumhachdan na h-oighreachd an tiomnadh gu ùghdarrasan ionadail na h-Alba.

Drugaichean

Chaidh drugaichean luach timcheal £130,000 a chur an grèim ann am meadhan Obar Dheathain. Thuirt Poilis Alba gun deach heroin agus cocain a lorg aig seòladh air Sràid Guild Dicadain. Chaidh fireannach aois 37 à Lunnain a chur an grèim co-cheangailte ris a' chùis.