"Bidh sgioba fìor mhath againn" - Coyle

Harry Souttar Image copyright SNS
Image caption Harry Souttar troimhe-chèile is e dìreach air am ball a chur dhan lìon aige fhèin.

Thuirt manaidsear Ross County gum bi sgioba fìor mhath aige anns na seachdainean ri tighinn, a dh'aindeoin is gun do chaill iad 2-0 ri Tobar na Màthar oidhche Chiadain.

Chuir Harry Souttar am ball dhan lìon aige fhèin anns a' chiad gheama aige do Chounty às dèidh dha tighinn air iasad bho Stoke.

Bha sin dìreach ro leathach ùine, is thàinig tadhal eile dìreach às a dhèidh.

B' e Curtis Main a chuir an tadhal is Marcus Friseal air am ball a chall.

Tha seo a' fàgail Ross County fhathast aig bonn na Prìomh Lìge, ach bha Owen Coyle misneachail às dèidh làimhe.

"Tha am fear òg (Harry Souttar) air am ball a chur dhan lìon aige fhèin sa chiad gheama aige. Ach shaoil mi gun robh geama sònraichte aige", thuirt Coyle.

"Chunnaic mi cluicheadairean mòra cliùtach a' dèanamh sin is thuit iad às a chèile. Thog Harry e fhèin is chluich e cho math.

"An dàrna tadhal, rinn an rèitire droch mhearachd.

"Chluich sinn math is bha cothroman againn.

"Bha David Ngog air leth math. Rinn Souttar Òg math. Tha Tansey a' tilleadh.

"Chan eil teagamh ann, nuair a gheibh sinn a h-uile duine còmhla, bidh sgioba fìor mhath againn", thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo