An t-Eilean Sgitheanach "fosgailte is tarraingeach"

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
CNN a' moladh gun tadhail air an Eilean Sgitheanach

Thuirt VisitScotland gu bheil an t-Eilean Sgitheanach fosgailte is tarraingeach, às dèidh dhan eilean nochdadh air liosta de dh'àiteachan a bu chòir do luchd-turais a sheachnadh as t-samhradh.

Dh'fhoillsich a' chompanaidh chraolaidh anns na Stàitean Aonaichte, CNN, artaigil is iad ag ràdh gu bheil an t-eilean am measg àiteachan san t-saoghal far nach eil bun-structair ann airson na th' ann de luchd-turais a tha a' tighinn.

Thuirt CNN gu bheil na Sgitheanaich a-nise ag ràdh 'foghnaidh na dh'fhoghnas', is nach eil fàilte air luchd-turais tuilleadh.

Ma tha daoine dha-rìribh 'son a dhol dhan eilean, thuirt CNN, bu chòir dhaibh an samhradh a sheachnadh air neo na h-Eileanan Beaga fheuchainn.

Tha VisitScotland ag ràdh gu bheil seo tàmailteach is gum faodadh e buaidh a thoirt air Alba gu lèir.

Dh'aidich a' bhuidheann gu bheil dìth ghoireasan ann an cuid de dh'àiteachan anns an Eilean Sgitheanach agus gum bu chòir do dhaoine ullachadh gu leòr a dhèanamh mus tadhail iad.

Thuirt iad gu bheil obair a' leantainn gus bun-structair an eilein a leasachadh.

Fosgailte

Dh'innis a' bhuidheann ge-tà, gu bheil an t-Eilean Sgitheanach fosgailte.

Thuirt iad gum feum iad a-nise an teachdaireachd sin a sgaoileadh.

"Tha sinn a' feuchainn ri reusanachadh cionnas as fheàrr dèiligeadh ri seo is a' faighinn a-mach dhan t-sluagh anns an fharsaingeachd agus a' foillseachadh dhaibh gu bheil an t-Eilean Sgitheanach fosgailte is tarraingeach do dhaoine", thuirt Ailean MacCoinnich bho VisitScotland.

"Tha a h-uile duine di-beathte a thighinn ann agus tha sin fìor do dh'Alba san fharsaingeachd.

"Tha sinn ag iarraidh am fiosrachadh sin fhaighinn a-mach cho luath is 's urrainn dhuinn", thuirt e.

Aig an àm, tha BPA na sgìre, Ceit Fhorbeis, air cuireadh a thoirt a CNN a thighinn dhan Eilean Sgitheanach.

Thuirt i gum faic iad bòidhchead an àite is gu bheil fàilte mhòr ro luchd-turais.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile