Comhairle gan dìon fhèin

Comhairle na Gàidhealtachd

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gun robh iad ceart a bhith a' coimhead ri gearraidhean duilich ann am foghlam is toll cho mòr anns a' bhuidseat aca.

Chaidh an ceòl air feadh na fìdhle an t-seachdain seo chaidh nuair a nochd pàipearan dìomhair a sheall gun robh iad a' beachdachadh air còrr 's 300 dreuchd a ghearradh anns na sgoiltean.

Bhiodh luchd-taic do chloinn le feumalachdan sònraichte nam measg, rud a bha gu sònraichte connspaideach.

Bha pàrantan air bagairt Comhairle na Gàidhealtachd a thoirt gu lagh.

Dh'innis ceannardan na Comhairle Diciadain gu bheil iad air na planaichean a chur an dàrna taobh.

Pròiseas

Thuirt ceannard Comataidh an Fhoghlaim, Anndra Baxter, gur e gearraidhean a bha seo nach robh duine aig Comhairle na Gàidhealtachd airson a dhèanamh.

Dh'innis Mgr Baxter ge-tà, gu bheil beàrn glè mhòr ann an ionmhas na Comhairle is gur e buidseat an fhoghlaim fear den fheadhainn as motha a th' aca.

Bha e glè cheart a rèisd, thuirt e, gum biodh gearraidhean anns an roinn sin fon phrosbaig.

Thuirt e gu bheil e toilichte nach bi gearradh ann a-nise a thaobh luchd-taic do chloinn le feumalachdan sònraichte.

Seallaidh a' Chomhairle fhathast ri 40 dreuchd tidsear àrd-sgoile a ghearradh.

Coinnichidh iad gus am buidseat a dheasbad air an 15mh den Ghearran.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile