Chaidh itealan Loganair ainmeachadh às dèidh Eilidh NicLeòid

eilidh macleod Image copyright Teaghlach Eilidh

Chaidh itealan ainmeachadh mar Spirit of Eilidh mar urram 'son an deugaire, Eilidh NicLeòid a chaidh a mharbhadh anns an ionnsaigh cheannairc ann am Manchester an-uiridh.

'Se a' chompanaidh adhair, Loganair a tha a' ruith na seirbheis eadar Glaschu is Barraigh.

'S e itealain Twin Otter a-mhàin a tha comasach air laighe air an tràigh ann am Barraigh, far an do thogadh Eilidh.

Bha Eilidh, a bha 14 bliadhna a dh'aois aig cuirm ciùil, Ariana Grande ann an Arena Mhanchester.

Bha a caraid, Laura Nic an t-Saoir, 15 air a droch leòn san ionnsaidh far an deach 22 neach a mharbhadh air an 22 den Chèitean.

Thug Stiùiriche Loganair, Jonathan Hinkles taing do phàrantan Eilidh 'son leigeal leotha an itealain ainmeachadh às a dèidh agus iad an dòchas gum biodh e na chuideachadh gus Eilidh a chumail an cuimhne dhaoine san àm ri teachd.

"Chì gach neach-siubhail an t-ainm 'Spirit of Eilidh' nuair a thig iad air bòrd", thuirt e.