Plana plastaig ChalMac

Aiseag le CalMac Image copyright Calmac

Thuirt CalMac gu bheil na planaichean aca airson sgudal plastaig a ghearradh aig "ìre adhartach".

Bha a' chompanaidh aiseagan ag ràdh nach fhada gus am foillsich iad am planaichean airson cuidhteas fhaighinn de ghnothaichean mar stràbhan plastaig.

Dh'innis NorthLink mu thràth gun tòisich iad a' cleachdadh stràbhan pàipeir air a h-uile seirbheis.

Tha iad cuideachd a' coimhead ri dè b' urrainn dhaibh cleachdadh an àite pocannan plastaig agus copannan anns a bheil plastaig.

Cleachdaidh iad pumpaichean le sabhs seach na pacaidean beaga a th' air a bhith aca chun an seo.