Maill air iomairt theasairginn
- Air fhoillseachadh
Tha an stoirm Georgina fhathast a' cur maill air iomairt gus streapadair a chaidh a dhìth air Beinn Nibheis a lorg.
Thuit an duine sìos a ghil Là na Sàbaid.
Chaidh cobhair a dhèanamh air dithis eile a bha a-muigh a' coiseachd còmhla ris faisg air mullach na beinne, ach thàinig air an luchd-teasairginn an iomairt a leigeil seachad air sgàth na sìde.
Tha an aimsir air maill a chur orra bhon uair sin.
Thuirt Sgioba Theasairginn nam Beann ann an Loch Abar gum b' fheudar dhaibh "gu mì-fhortannach" sgur a choimhead airson an duine Dimàirt agus Diciadain.
Dh'fhaodadh a' ghaoth 90msu a ruighinn air Beinn Nibheis Diciadain.
Cuideachd, tha Seirbheis Fiosrachaidh nam Maoimtean-Sneachda ag ràdh gu bheil an ìre chunnairt ann an sgìre Loch Abar àrd.
Tha an luchd-teasairginn an dòchas gum faigh iad air an iomairt a thòiseachadh a-rithist Diardaoin is dùil gun tig piseach air an aimsir mus fhàs i nas miosa a-rithist.