Pàrantan deònach a dhol gu lagh
- Air fhoillseachadh
Tha pàrantan air rabhadh a thoirt gum beachdaich iad air Comhairle na Gaidhealtachd a thoirt gu lagh a thaobh phlanaichean gus taic foghlaim a ghearradh do chloinn le feumalachdan sònraichte.
Coinnichidh a' chomhairle an ath-mhìos airson am buidseat a dheasbad.
Tha iad ag ràdh gu bheil aca ris na muilleanan mòra a shàbhaladh.
Chaidh dreach phlana fhaicinn leis a' BhBC, a sheall gu bheil a' chomhairle a' meòrachadh air £3.6m a ghearradh bho bhuidseat roinn an fhoghlaim, le na ceudan de chosnaidhean a' falbh.
Tha pàrantan ag ràdh gun dèanadh na molaidhean sgrios, is gun toir iad buaidh air a h-uile sgoilear.
Thuirt iad gun tog iad fianais, is gum beachdaich iad cuideachd air Comhairle na Gàidhealtachd a thoirt gu lagh.
Thuirt a' chomhairle gu bheil iad a' feuchainn ri seirbheisean a dhìon, is nach deach co-dhùnadh sam bith a dhèanamh fhathast.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 19 Am Faoilleach 2018