Chan e MacShimidh a th' ann
- Air fhoillseachadh
Dhearbh rannsachadh foireansach nach e am Morair MacShimidh, neo an t-Seann Sionnach mar a bh' air, a bh' anns a' chorp gun cheann ann an ciste luaidhe faisg air a' Mhanachainn.
B'e duine cho connspaideach 's a bh' air a' Ghàidhealtachd san 18mh linn.
Rugadh Sìm Friseal ann an 1667, is chuir e roimhe mar dhuine òg a bhith na cheann-chinnidh air na Frisealaich.
Rinn e a' chùis air sin le a bhith a' toirt air Amelia Fhriseal - banntrach MhicShimidh - a phòsadh.
Chaidh an tiotal a thoirt bhuaithe, is an uairsin a chur air ais nuair a thug e taic dhan Riaghaltas an aghaidh nan Seumasach aig àm àr-a-mach 1715.
B' e an co-dhùnadh taobhadh ris na Seumasaich ann an 1745 a chuir às dha Sìm Friseal.
Ghlac na saighdearan dearga MacShimidh is e a' feuchainn ri teicheadh dhan Fhraing às dèidh sgrios Chùil Lodair.
Chaidh a thoirt a Lunnainn far an deach a cheann a thoirt bhuaithe.
'S e a' cheist a bha air mòran bhon uairsin - dè thachair dha corp MhicShimidh.
Tha eachdraidh ag ràdh gun deach a thiodhlaiceadh aig Tùr Lunnainn. Ach a rèir nam Frisealach, thug iad dhachaigh a chorp - gun cheann - chun na Gàidhealtachd.
Corp boireannaich
Chaidh sgioba an sàs ann an 2017 gus ciste a thogail às an uaigh ann an taigh-adhlacaidh Wardlaw, faisg air Cnoc Mhoire, air a' Ghàidhealtachd.
Chaidh sgrùdadh a dhèanamh air an dust, is iad an dòchas gun innseadh sin dhaibh gu bheil am Morair MacShimidh air a thiodhlaiceadh an sin.
Às dèidh mìosan a thoirt a' rannsachadh nan cnàmhan, cho-dhùin an t-Ollamh Sue NicIlleDhuibh gur e boireannach òg a th' anns a' chiste.
Chaidh fhoillseachadh cuideachd gun robh cnàmhan bho cheathrar eile anns a' chiste còmhla ris a' bhoireannach.
Cha bhuinneadh gin aca do MhacShimidh.
'S iongantach marsin, mur a h-eil am Morair MacShimidh air a thiodhlaiceadh aig Tùr Lunnainn, mar a bha an riaghaltas anns an 18mh linn a' cumail a-mach.
Thèid tuilleadh rannsachaidh foireansaich a dhèanamh ann an oidhirp dearbhadh an e ban-Fhrisealach a th' anns a' bhoireannach ann an ciste na Manachainn.