Buaireadh aig Stòras Uibhist

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, Geograph/Rob Farrow

Tha buaireadh aig Stòras Uibhist, an t-uachdran coimhearsnachd 's motha ann an Alba, agus fear de stiùirichean na buidhne a' càineadh an dòigh a tha i air a ruith.

Chuir Ruairidh MacGilleBhrath fios chun a h-uile stiùiriche eile aig Sealladh na Beinne Moire 's e ag ràdh nach eil e a' faighinn ach glè bheag de dh'fhiosrachaidh air na tha a' dol, agus nach eil cead aige, mar stiùiriche, sealbh fhaighinn air fiosrachadh a' bhoineas dhan bhuidhinn air fad agus na companaidhean a tha foidhpe.

Chaidh Ruairidh MacGilleBhrath a thaghadh mar stiùiriche air Sealladh na Beinne Moire (SnBM) san t-Sultain 2017.

'S i SnBM a' bhuidheann a tha os cionn Oighreachdan Uibhist a Deas, Stòras Uibhist Earranta, Leasachadh Loch Baghasdail Earranta agus Cumhachd Ath-nuadhachail Uibhist a Deas Earranta.

'S i Stòras Uibhist (Earranta) a bhios a ruith na h-oighreachd as leth SnBM.

Bidh buill SnBM - a chaidh a thaghadh leis a' choimhearsnachd - gan roinn eadar nan diofar chompanaidhean coimhearsnachd.

Cha deach Mgr MacGilleBhrath a chuir air bòrd Stòras Uibhist.

Gearainean

Tha Mgr MacGilleBhrath a' togail grunn phoingean san litir, ach 's e am prìomh phuing aige cho beag fiosrachaidh 's a tha e a' faighinn mu cha mhòr rud sam bith mu Stòras Uibhist, fiosrachadh ris am biodh dùil aige fhaighinn, tha e ag ràdh, mar stiùiriche air SnBM.

Thuirt e gur ann bho bhuill sa choimhearsnachd gu math tric a tha e a' cluinntinn na tha a' dol.

Bidh Stòras Uibhist a' sgaoileadh litir bheag de naidheachdan na buidhne chun t-sluaigh.

Tha Mgr MacGilleBhrath ag ràdh gur ann san litir sin a chunnaic e an toiseach gu robh Stòras Uibhist a' coimhead ri diofar phlanaichean air dè a ghabhas a dhèanamh le Loidse Ghròigearraidh agus gun deach faighneachd dha sa choimhearsnachd mu na tagraidhean a thathar a' trusadh airson cead feamainn a bhuain.

A rèir Mgr MhicGilleBhrath cha robh fios aige gu robh plana ann tagraichean iarraidh airson buain feamad agus nach deach ceist nan tagraichean sin no leasachadh Loisde Ghròigearraidh a thogail aig coinneamh bòrd SnBM.

Thuirt e cuideachd nach eil e a' faighinn fiosrachaidh gu leòr mu ionmhas SnBM sna buidhnean air fad a tha foidhpe.

Tha e ag ràdh gu bheil cead aige ainm a chuir ri seic airson cunntasan Stòras Uibhist a phàigheadh, ach nach eil cead aige fiosrachadh sam bith fhaighinn mu na cunntasan a tha sin.

Structar

Chàin Mgr MacGilleBhrath structar agus modhanan na buidhne 's e ag ràdh gu bheil iad lapach.

Tha e dhen bheachd gu bheil i nas coltaiche ri companaidh phrìobhaideach, seach companaidh choimhearsnachd.

"Na mo bheachd-sa tha an structar agus na modhanan a th'ann an-dràsta gu math lag, agus tha mi a' smaoineachadh gu bheil iad a' toirt droch bhuaidh air an dòigh a tha a' chompanaidh a' coileanadh a cuid obrach dhan choimhearsnachd a tha i a' riochdachadh," thuirt e.

San litir tha e ag ràdh cuideachd gu bheil cead aig cuid a stiùirichean fiosrachadh sam bith fhaighinn agus tadhal air oifis Stòras Uibhist mar a thogas iad.

Ach a rèir Mhgr MhicGilleBhrath chan eil cead aig cuid a stiùirichean eile, e fhèin nam measg, fiosrachadh sam bith fhaighinn air neo tadhal air oifis Stòras Uibhist nuair a tha iad ag iarraidh.

A thaobh na h-oifis tha e ag ràdh gu bheil esan a' tuigse gun deach a ràdh ris an luchd-obrach nach eil math dhaibh bruidhinn ris a san neo ri cuid a stiùirichean eile mu obair Stòras Uibhist air eagal 's gun tèid an ceannsachadh.

Tha am BBC a' tuigsinn gu bheil cuid a stiùirichean air freagairt a sgaoileadh a' toirt taic do Mhgr MacGilleBhrath 's na tha air a thogail san litir.

Briseadh dùil

Thuirt àrd-oifigear Stòras Uibhist, Iain Paterson, gu bheil e na bhriseadh dùil dhaibh gu bheil cuideigin air conaltradh eadar buill a' bhùird a sgaoileadh.

Thuirt e gu robh fiosrachadh fosgailte do gach stiùiriche aig Storas Uibhist, a rèir riaghailtean chompanaidhean na Rìoghachd Aonaichte.

"Chaidh tòrr dha na planaichean leasachaidh a chur air adhart leis a' bhòrd mu dheireadh, agus thèid làn-fiosrachaidh mu ghnothaichean na companaidh agus an obair aice a thoirt do bhuill ùr aig prògram inntrigidh a mhaireas dà latha aig deireadh na mìos.

"Ionnsaichidh iad cuideachd aig a' phrògram inntrigidh sin mu dhleastanasan agus uallach stiùirichean companaidh earranta," thuirt e.

Thuirt Mgr Paterson cuideachd gun deach cunntas ionmhasail na companaidh a chur mu choinneamh na coinneimh bliadhnail san t-Sultain agus gu bheil an aithris ri fhaighinn air làrach-lìn Stòras Uibhist agus anns an oifis.