Leasachadh air seann mhargaidh sprèidh Raoghard
- Air fhoillseachadh
Tha obair rannsachaidh air tòiseachadh an t-seachdain seo air seann mhargaidh sprèidh ann an sgìre Raoghard ann an Cataibh.
Tha 17 bliadhna bhon a chaidh an goireas a chleachdadh mu dheireadh.
Ach tha buidheann coimhearsnachd sa bhaile a-nis airson a leasachadh agus feum ùr a dhèanamh dheth.
Dh'fhaodadh gun tèid an làrach a chleachdadh 'son ionad coimhearsnachd le farsaingeachd de ghoireasan na chois.
Goireasan
'S ann le buidheann leasachaidh taigheadais a tha an làrach agus an seann togalach an-dràsta.
Ach tha iadsan air leigeil fhaicinn gur dòcha gum biodh iad deònach an talamh a reic do dh'Urras Leasachaidh Raoghard.
Feumaidh an obair rannsachaidh dearbhadh a bheil obair a dhìth 'son truilleadh sam bith a dh'fhaodadh a bhith air an làraich a ghlanadh.
Thathar an dòchas gun tèid goireasan a stèidheachadh 'son margaidhean agus fèilltean a chumail a bharrachd air àite 'son dealbhan-cluiche, taigheadas agus ionadan gnothachais.