Casg air gluasad chlàran ola

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, Getty Images

Tha Buidheann Dìon Àrainneachd na h-Alba, SEPA, air stad a chur air obair deasachaidh airson trì seann chlàran-ola a thoirt air falbh à Linne Chrombaigh airson am briseadh anns na h-Ìnnseachan.

Tha aonadh an RMT air gearain an aghaidh an cur a-null thairis, ag ràdh gum biodh e na bu shàbhailte, agus gun cruthaicheadh e obraichean, nan deadh am briseadh an Alba fhèin.

Reic a' chompanaidh Diamond Offshore trì clàran, Ocean Nomad, Ocean Princess agus Ocean Vanguard, a tha an-dràsta ann an Linnhe Chrombaigh, ris a' chompanaidh GMS airson an toirt dha na h-Ìnnseachan agus a Bhangladais airson am briseadh.

Bha dùil gum falbhadh iad deireadh na seachdain seo, ach a-nise tha SEPA air innse gu bheil iadsan air casg a chur air a' chompanaidh an gluasad fhad 's a rannsaicheas iadsan a bheil a h-uile càil ga dhèanamh a rèir riaghailtean a' Choimisein Eòrpaich airson a bhith a' luasad sgudail tarsainn chrìochan eadar-nàiseanta.

Tha dà bhàta-togail a' feitheamh ann an Linne Mhoireibh airson na clàran a thoirt air falbh, ged a tha ceistean ann agus tè de na bàtaichean am beachd dà chlàr a thoirt leatha aig an aon àm, leis an t-soitheach eile a' toirt leatha an teas clàir.

Tha na molaidhean sin a' cur dragh air ùghdarras a' chaladh.

Tha eagal ann ma bhios droch mhuir ann gum faodadh an t-soitheach mhòr tha gan giùlain car a chur.

Thuirt am BPA Uaine airson na Gàidhealtachd 's nan Eilean, Iain Finnie, gun robh SEPA ceart ann a bhith a' dèanamh cinnteach gun deadh riaghailtean teann a chur air gluasad chlàran ola.

Thuirt Buidheann na Mara 's nam Maor-Cladaich gu bheil riaghailtean Eòrpach a' mìneachadh càite am bu chòir clàran-ola a bhriseadh airson luchd-obrach agus an àrainneachd a dhìon, agus gum feum companaidhean feart a thoirt air na riaghailtean sin.