Gearraidhean ann am foghlam air Ghàidhealtachd

Air fhoillseachadh
Suaicheantas Comhairle na Gàidhealtachd

Dh'fhaodadh 40 tidsear air Ghàidhealtachd an cuid chosnaidhean a chall, a thuilleadh air luchd-obrach a bhios a' toirt taic a bharrachd seachad san t-seòmar-theagaisg agus patròlairean rathaid aig sgoiltean.

Ann an litir gu ceannardan sgoile tha Comhairle na Gàidhealtachd a' toirt rabhaidh gun toir na gearraidhean a thathas a' beachdachadh air buaidh air grunn sheirbheisean.

Ann am brath-naidheachd thuirt an t-ùghdarras ionadail gun robh iad "a' beachdachadh air grunn mholaidhean" airson sàbhalaidhean a dhèanamh.

Tha ceannardan na Comhairle a' coimhead ris na gearraidhean ann an oidhirp dèiligeadh ris a' bheàrn de £25.8m sa bhuidseat 'son na h-ath-bhliadhna-ionmhais.

Gearraidhean

Fo na molaidhean dheadh cur às do 40 dreuchd tidsear. Bhiodh sin ann an àrd-sgoiltean a tha mòr no meadhanach mòr.

Bhiodh gearraidhean ann cuideachd san àireamh de luchd-taic sna clasaichean agus san àireamh thidsearan a tha a' toirt taic do chloinn le feumalachdan sònraichte, ach a-mhàin sna seirbheisean a tha air am maoineachadh le NHS na Gàidhealtachd.

Anns an litir thuirt a' Chomhairle gun toireadh seo buaidh air leithid saidhceòlas foghlaim, taic airson dol a-mach buaireanta, Beurla mar dhàrna cànan, autism, taic teicneòlais agus seirbheisean taic ro-sgoil.

Thuirt an comhairliche SNP, Graham MacCoinnich, a bha roimhe na cheannard air Acadamaidh Inbhir Pheofharain, gun robh na gearraidhean a bhathas a' moladh "uabhasach" agus gun leudaicheadh a' bheàrn eadar sgoilearan a tha a' deanamh math san sgoil agus an fheadhainn nach eil a' soirbheachadh uimhir.

Dìon

Tha ceannas na Comhairle ag ràdh gu bheil iad air foghlam a dhìon bho ghearraidhean sna bliadhnachan mu dheireadh ach gu bheil na gearraidhean ann am maoin an ùghdarrais sna bliadhnaichean mu dheireadh a' ciallachadh nach urrainn dha a bhith air a dhìon aig an ìre sin tuilleadh.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd cuideachd a' dol a bheachdachadh air a bhith a' lùghdachadh na taic-airgid a tha iad a' toirt do Taigh-Cluiche Eden Court, agus do High Life Highland a tha a' ruith ionadan spòrs an ùghdarrais ionadail, taighean-tasgaidh agus leabharlannan.

Beachdaichidh comhairlichean air na gearraidhean air an 15mh den Ghearran.