Rannsachadh dealbhachaidh Stèinis

Air fhoillseachadh
Fo-thiotal an deilbh,
Chaidh muinntir Stèinis an ìre mhath gu h-aona-ghuthach nan aghaidh nam planaichean.

Tha aithrisiche bho Roinn Dealbhachaidh Riaghaltas na h-Alba a' dol a rannsachadh iarrtais airson gàrradh-stòraidh do chompanaidh togail fhosgladh faisg air baile Stèinis air iomaill Steòrnabhaigh.

Dhiùlt Comhairle nan Eilean Siar an t-iarrtas bhon chompanaidh togail O'Mac bho chionn grunn mhìosan, às dèidh ghearainean làidir bho mhuinntir na sgìre, ach tha a' chompanaidh air tagradh a chur gu Riaghaltas na h-Alba.

Tha a' chompanaidh O'Mac ag iarraidh an gàrradh-stòraidh agus oifisean a thogail eadar margaidh sprèidh Leòdhais agus na Hearadh agus baile Stèinis.

Ach chaidh muinntir Stèinis an ìre mhath gu h-aona-ghuthach nan aghaidh.

Baile Croitearachd

Thuirt Coimisean na Croitearachd cuideachd gun atharraicheadh seo cruth an àite a bha na bhaile croitearachd.

Bha an t-iarrtas cuideachd an aghaidh plana leasachaidh na sgìre, agus tha a' Chomhairle air làrach faisg air làimh a chomharrachadh airson taigheadais.

Tha Aithrisiche Dealbhachaidh Riaghaltas na h-Alba a-nis air innse gum bi e a' tighinn air thuras air a' chiad là den Ghearran a choimhead air an làraich.

Tha e air cuireadh a thoirt dhan fheadhainn a tha an aghaidh an leasachaidh a thighinn chun na làraich fhad 's a bhios e ann.

Ach ged a dh'fhaodas iad fiosrachadh a thoirt dha, chan urrainn dha beachdachadh leotha mun iarrtas.

Tha an litir ag ràdh gu bheil coltas ann gum bi fiosrachadh gu leòr aig an Aithrisiche às dèidh an làrach fhaicinn, agus gun tèid co-dhùnadh a dhèanamh às dèidh sin.

Thuirt e ma bhios e ag iarraidh tuilleadh fiosrachaidh gun sgriobh e dhan fheadhainn a tha an aghaidh an leasachaidh.