Co-dhùnadh air RBS Bharraigh "dèante"
- Air fhoillseachadh
Thuirt Banca Rìoghail na h-Alba nach beachdaich iad às ùr air a bhith a' dùnadh meur Bharraigh den bhanca.
Dhearbh iad seo do BhP nan Eilean Siar, Aonghas Brianan MacNèill, agus esan air sgrìobhadh thuca ag iarraidh orra beachdachadh às ùr air a chùis.
Dh'iarr Mgr MacNèill air àrd-stiùiriche RBS, Ross McEwan, a dhol a Bharraigh gus am faiceadh e dha fhèin cho riatanach 's a tha e am banca a chumail fosgailte.
Thuirt e nach do thachair seo ach gun tàinig riochdaire bhon bhanca dhan eilean Dihaoine seo chaidh.
Thuirt Mgr MacNèill gun robh e air dearbhadh sgrìobhte fhaighinn nach coimhead RBS air seo a-rithist, agus gun tèid meur Bhàgh a' Chaisteil a dhùnadh san Ògmhìos.
Thug e cuideachd slaic air a' bhanca, agus e ag ràdh nach deach co-chomhairle a chumail leis an luchd-cleachdaidh agus nach deach measadh a dhèanamh air buaidh eaconomach a' cho-dhùnaidh.
Tha Mgr MacNèill air iarraidh a-rithist air Mgr McEwan a bhith dàna gu leòr coinneachadh ri eileanaich.
Thèid 62 meur RBS a dhùnadh ann an Alba agus thèid còrr is 150 dreuchd a chall.