Queen of the South aig tuath
- Air fhoillseachadh
Feuchaidh Caley Thistle ri ceum eile a ghabhail a dh'ionnsaigh àite play-off san Championship nuair a thig Queen of the South a dh'Inbhir Nis Disathairne.
Tha sgioba Dhùn Phris an-dràsta san 4mh àite - an t-àite play-off mu dheireadh - ach chan eil iad a-nise ach trì puingean air thoiseach air Inbhir Nis.
Thèid Caley Thistle a-steach dhan gheama ann an sunnd às dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air an Eaglais Bhric 4-1 oidhche Mhàirt.
Thàinig sin mar chlach às an adhair is tadhail air a bhith car gann do dh'Inbhir Nis air an t-seusan seo, is an Eaglais Bhreac fhèin dìreach air 6 a chur seachad air Dundee United.
'S beag dùil a bha ris, ma-thà, ach abair gun do chuir luchd-taic ICT fàilte air.
Bun-stèidh
Tha bunait làidir aig an sgioba aig a' chùl, agus ma 's e is gun urrainn dhaibh togail air oidhche Mhàirt agus adhartas a dhèanamh aig an aghaidh, tha deagh chothrom aca an lìog a shreap eadar seo is deireadh an t-seusain.
Bidh iad às aonais Carl Tremarco Disathairne ge-tà, às dèidh dha fèith na h-iosgaid a ghoirteachadh an aghaidh na h-Eaglais Brice.
Dh'fhaodadh gum bi Tremarco a-mach fad suas ri dà mhìos.
Chaidh Jake Mulraney dheth oidhche Mhàirt cuideachd, ach thathas a' tuigsinn nach eil e air a dhroch ghoirteachadh idir.
"Feumaidh sinn a bhith aig an ìre aig an robh sinn Dimàirt a-rithist", thuirt manaidsear ICT, Iain Robasdan.
"Tha e buileach cudromach a-nise oir chuireadh trì puingean sinn am measg nan sgiobaidhean ann am meadhan na lìge is 's e sin a tha sinn ag iarraidh.
Adhartas
"Fad mhìosan a-nise tha sinn air a bhith a' tighinn air adhart mean air mhean is chuireadh a-nise na trì puingean sinn suas am measg nan sgiobaidhean sin, is bheireadh e dhuinn bunait 'son a' chòrr den t-seusan", thuirt e.
Cluichidh Chris Kane is Jason Kerr an geama mu dheireadh acasan do Queen of the South ann an Inbhir Nis.
Bha QoS airson an dithis a chumail air iasad à St Johnstone, ach tha sgioba Pheairt air iarraidh orra tilleadh.
Bidh aig ICT cuideachd ri sùil gheur a chumail air Stephen Dobbie, a chaidh ainmeachadh mar chluicheadair na mìos san Championship san Dùbhlachd.
Tha Dobbie air 20 tadhal a chur mar-thà air an t-seusan seo.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 10 Am Faoilleach 2018
- 8 Am Faoilleach 2018