Dragh air aonadh mu phlana trafaig adhair
- Air fhoillseachadh
Thog aonadh, a tha riochdachadh luchd-iùil nam plèanaichean, dragh gur e aon ionad ann an Alba a bhios a' dèiligeadh ri iùil itealan.
Tha Puirt Adhar na Gàidhealtachd agus nan Eilean (HIAL) am beachd suas ri £28m a chur an darna taobh airson an t-siostaim ùir.
Tha an siostam seo ga chur gu feum san t-Suain.
Bhiodh e a' stiùireadh iùil phlèanaichean airson port-adhair Inbhir Nis, Sumburgh, Dhùn Dè, Inbhir Ùige, Thaigh Iain Ghròt, Chirceabhal, Steòrnabhaigh agus Bheinn nam Fadhla.
Thuirt an t-aonadh Prospect gu bheil iad a' tuigsinn gu feum HIAL ùrachadh a dhèanamh air an t-siostam aca.
Ach dh'innis iad gu faodadh gun toir sin buaidh air sàbhailteachd an t-sluaigh agus cosnaidhean dhaoine.
Thuirt Stiùiriche HIAL Inglis Lyon nach tig atharrachadh air an t-suidheachadh mura h-eil e sàbhailte.
Dh'inns Mgr Lyon gu bheil iad a' feuchainn ri seirbheis adhair sheasmhach a chur air dòigh
Sàbhailteachd
Thuirt oifigear-adhair an aonaidh an Alba gu bheil iad fhathast a' toirt sùil air planaichean HIAL.
Dh'inns Daibhidh Avery gu bheil fios aca gu bheil dùbhlan mòr ron chompanaidh luchd-iùil nam plèanaichean fhastadh.
Ach nach eil an aithisg ag innse ciamar a tha iad am beachd sin a chur ceart.
Thuirt Mgr Avery gum bi siostam ùr an eisimeil deagh sheirbheis chonaltraidh eadar tìr-mòr agus na h-Eileanan agus aig an ìre seo, chan eil sin ann.
Thuirt e cuideachd nach eil HIAL a' gabhail aire air sàbhailteachd an t-sluaigh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 8 Am Faoilleach 2018