Euslaintaich a' feitheamh cùraim air a' Ghàidhealtachd
- Air fhoillseachadh
Thàinig e am bàrr gun deach 87.6% de dh'euslaintaich fhaicinn aig roinnean tubaiste 's èiginn na Gàidhealtachd taobh a-staigh ceithir uairean de thìde san t-seachdain mu dheireadh de 2017.
'S e 95% targaid Riaghaltas na h-Alba.
Air feadh na h-Alba, chaidh 78% de dh'euslaintaich fhaicinn taobh a-staigh na targaid san t-seachdain mu dheireadh den bhliadhna.
'S e sin an ìre as ìsle bho thòisichear a' clàradh fhigearan seachdaineil anns a' Ghearran 2015.
Flù
Thuirt Tòraidhean na h-Alba gu bheil na figearan "maslach".
Thuirt Rùnaire na Slàinte, Shona Robison, gun robh deireadh na bliadhna "gu math dùbhlannach" dhan NHS.
Dh'innis i gu bheil an àireamh de dhaoine air a bheil am flù air dùblachadh an taca ris an dearbh àm an-uiridh.
Thuirt i gun do chuir seo uallach mòr air roinnean tubaiste 's èiginn.
Tha Ospadal an Ràthaig Mhòir an Inbhir Nis air casg a chur air daoine bho a bhith a' tadhal air an ospadal is am flù a' sgapadh ann.