Manachainn Dhèir air a lorg?

Leabhar Dhèir Image copyright Empics
Image caption 'S ann an Leabhar Dhèir a tha an sgrìobhadh Gàidhlig Albannach as sine a tha fhathast ann.

Tha luchd-rannsachaidh ag ràdh gur dòcha gu bheil iad air lorg fhaighinn air a' mhanachainn san deach Leabhar Dhèir a sgrìobhadh.

'S e an làmh-sgrìobhainn, bhon 10mh Linn, an leabhar as sine sa bheil Gàidhlig na h-Alba sgrìobhte.

San Ògmhios an-uiridh, fhuair arc-eòlaichean lorg air obair-creadha, cagailt-cloiche agus fiodh-ghual ann an achadh faisg air Abaid Dhèir an Siorrachd Obar Dheathain.

Image copyright BBC ALBA
Image caption Chaidh cagailt cloiche a lorg air an làraich, le fiodh-ghual innte.

Dhearbh deuchainnean càrboin gur ann bho na meadhan-aoisean a bha an obair-creadha agus am fiodh-ghual.

Tha iad ag ràdh gur e an fhianais as tarraingiche fhathast airson na manachainne.

Bidh prògram mun sgrùdadh, "Air Tòir Manachainn Dhèir" air BBC ALBA aig 9:00f Dicadain.

Dh'fhaodadh gun tèid tuilleadh cladhaich a dhèanamh air an làraich feuch tuilleadh fianais a lorg.

Tha notaichean sgrìobhte sa Ghàidhlig air iomall dhuilleagan Leabhar Dhèir (a tha san Laideann) cuideachd a' stiùireadh luchd-rannsachadh gu làrach na seann manachainne.

Tha na notaichean - a' Ghàidhlig Albannach sgrìobhte as sine a th' ann - ag ràdh gun robh Abaid Dhèir - far an do ghluais na manaich an dèidh dhaibh an t-seann mhanachainn a thrèigsinn - ri fhaicinn bhuaipe.

Image copyright BBC ALBA
Image caption Chaidh an obair-rannsachaidh as ùire a dhèanamh air an làraich san Ògmhios 2017.

A thuilleadh air a' chagailt, am fiodh-ghual agus an obair-creadha, fhuair an luchd-rannsachaidh tobhta thogalaich chearcallaich, le 's dòcha beul-dorais chloiche agus tuill airson phostaichean fiodha.

"Tha deit meadhan-aoiseach dhan obair-chreadha a' sealltainn gur dòcha gun robh an togalach a chaidh a lorg fo na bloighean na sheasamh sna meadhan-aoisean cuideachd," thuirt an t-arc-eòlaiche Alison Chamshron.

"'S ann eadar 1147 agus 1260 a rinneadh am fiodh-ghual, agus tha sin gu sònraichte inntinneach oir dh'fhaodadh gur ann bhon àm a bha a' mhanachainn ga cleachdadh. Tha fhios againn gun robh a' mhanachainn ann aig an àm sin."

Bha Leabhar Dhèir ann an cùram na manachainne ro 1000AD, mus do chuir na manaich cùl ris an togalach 's a ghluais iad gu Abaid Dhèir.

Tha an leabhar an-diugh fo chùram Oithigh Chambridge.