Tulloch ag amas air meadhan na h-Alba

Taighean

Thuirt a' chompanaidh togail Tulloch gu bheil iad ag amas air fàs a thoirt air an obair aca ann am meadhan na h-Alba ann an 2018.

Tha iad ag ràdh gu bheil bunait làidir aca air a' Ghàidhealtachd.

Thuirt a' chompanaidh, a tha stèidhichte ann an Inbhir Nis, gu bheil fèill air taighean a thog iad ann an Cille Bhrìghde an Ear, is gu bheil iad an dùil tòiseachadh air leasachadh ann an Gleann Rathais san dàrna leth ann an 2018.

Bidh iad cuideachd ag amas air làraichean ùra ann an Glaschu is Sruighlea.

Thuirt àrd-stiùiriche Tulloch, Seòras Friseal, gun do tharraing iad a-mach à meadhan na h-Alba às dèidh staing mhòr an iomhais ann an 2008.

Dh'innis e gu bheil iad a-nise nas dòchasaiche, is gu bheil cho math is a tha a' dol dhaibh air a' Ghàidhealtachd a' fàgail gun urrainn dhaibh a bhith ag amas air sgìrean eile.

"Tha eaconomaidh na Gàidhealtachd math, tha fàs ann an turasachd agus tha campus ùr oilthighe ann an Inbhir Nis a tha a' sìor fhàs, a' cruthachadh obraichean is misneachd.

"Cho fad 's nach bi Brexit cruaidh ann, faodaidh fàs a bharrachd tighinn air an obair againn anns na bliadhnaichean ri tighinn", thuirt e.

Tòisichidh a' chompanaidh obair air leasachadh ùr aig Taobh Nis ann an Inbhir Nis as t-Earrach.

Fhuair iad cead aig deireadh 2017 'son 800 dachaigh a thogail sa 15 bliadhna ri teachd.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile