Luchd-obrach gan toirt far chlàir-ola

Clàr-ola Image copyright Repsol Sinopec Resources

Chaidh fichead luchd-obrach a thogail far chlàir-ola anns a' Chuan a Tuath, is drèinichean air stopadh anns an àite-fuirich aca.

Ach tha 100 luchd-obrach fhathast air bòrd a' chlàir Montrose Alpha, 125 mìle an ear air Obar Dheathain.

Thuirt a' chompanaidh, Repsol Sinopec, nach toireadh seo buaidh sam bith air obair a' chlàir-ola.