Cuilean mathain bhàin an Srath Spè

Victoria am mathan bàn Image copyright Alex Riddell
Image caption Chaidh Victoria a thoirt chun na pàirce, far an robh dà mhathan bàn fireann mar thà, an-uiridh.

Tha cuilean air a bhith aig mathan bàn aig Pàirc Fiadh-Bheatha na Gàidhealtachd an Ceann na Creige.

Seo a' chiad uair ann an 25 bliadhna a tha cuilean air a bhith aig mathan bàn anns an Rìoghachd Aonaichte.

Thuirt luchd-obrach na pàirce gun robh iad air an dòigh ghlan.

Thuirt iad ge-tà, nach robh e soilleir aig an ìre seo a bheil barrachd air aon chuilean air a bhith aig a' mhathan, air a bheil Victoria.