Ceum air adhart do phròiseact a' chalaidh

Caladh Steòrnabhaigh Image copyright Ùghdarras Caladh Steòrnabhaigh
Image caption Tha ùghdarras a' chalaidh ag ràdh gum biodh buannachdan ann dhan na h-Eileanan air fad

Tha am pròiseact gus leasachadh a dhèanamh air caladh Steòrnabhaigh, gus an làimhsich e soithichean nas motha, air ceum air adhart a ghabhail.

'S e amas a' phròiseict, an caladh a dhèanamh nas doimhne gus am freagair e air bàtaichean luchd-turais agus soithichean bathair.

Mar phàirt dhen phroiseas airson cead-dealbhachaidh tha an t-ùghdarras a-nis air iarrtas foirmeil a chur gu Comhairle nan Eilean Siar 'son measadh a dhèanamh air dè a' bhuaidh a bhios aig na planaichean aca air an àrainneachd.

Tha dùil gun toir e mu mhìos freagairt fhaighinn bhon Chomhairle.

Thuirt Cathraiche Ùghdarras Caladh Steòrnabhaigh, Murchadh Moireach, ma thèid leotha leis a' phròiseact, gum bi buannachd ann dhan na h-Eileanan air fad.