Cosgaisean sgan fhathast air boireannaich air Ghàidhealtachd
- Air fhoillseachadh
'S e boireannaich leatromach air a' Ghàidhealtachd fhathast an aon fheadhain ann an Alba a dh'fheumas pàigheadh 'son leth-bhreac de na sganaichean ultrasound aca.
Tha Ball-pàrlamaid Albannach an Eilein Sgithanaich, Loch Abair is Bhàideanaich, Ceit Fhoirbeis ag ràdh gu bheil NHS na Gàidhealtachd fhathast a' cur cosgais £5 'son gach dealbh air boireannaich às dèidh dhith iarrtas a chur a-steach fo Achd Saorsa an Fhiosrachaidh.
Thuirt NHS na Gàidhealtachd anns an Iuchar gun robh na cosgaisean air a bhith ann 'son ùine mhòr airson pàigheadh dhan phàipear daor a tha iad a' cur an sàs.
Ach dhearbh a' bhuidheann gun robh iad air ath sgrùdadh a chur air dòigh mun t-suidheachadh.
Cosgaisean
Tha am ball-pàrlamaid Gàidhealach a' fàgail air an ùghdarras slàinte gu bheil iad fhathast a' cur a' chosgais air boireannaich.
Thuirt i: "Tha astar a bharrachd againn ri shiubhal, cosgaisean connaidh nas àirde agus cosgaisean a bharrachd air caochladh sheirbheisean.
"Sin as coireach gun robh mi air draghan a thogail mu na cosgaisean a bharrachd air boireannaich leatromach 'son leth-bhreac fhaighinn de na sganaichean aca air a' Ghàidhealtachd thairis air an t-samhradh.
"Tha mi den bheachd gu bheil e fhathast mì-chothromach gur e màthraichean air a' Ghàidhealtachd an aon fheadhainn ann an Alba a dh'fheumas pàigheadh 'son nan dealbhan seo."
Thuirt fear-labhairt NHS na Gàidhealtachd gun robh àrd mhanaidsearan aig Ospadal an Rathaig Mhòr air ath-sgrùdadh mionaideach a dhèanamh air na cosgaisean tro mhìosan an t-samhraidh.
"Mar phàirt den ath-sgrùdadh chaidh fios a chur air bùird slàinte eile agus fhuaireadh a-mach gun robh na bùird seo a' tabhann leth-bhreac air pàipear de na sganaichean leinibh.
"Chuala an ath-sgrùdadh gu robh na bùird air an deach fios a chur, a' sùileachadh tabhartas mu choinneamh nan dealbhan clo-bhauilte, mar as trice £5."
Thuirt e cuideachd gur ann ann an cruth didseatach a bhathar a' clàradh nan dealbhan ann an Ospadal an Rathaig Mhòr agus nach robh adhbhar sam bith ann na sganaichean a chlo-bhualadh.
Dealbhan àrd ìre
"Ged nach ann air adhbharan clionaigeach, cheannaich NHS na Gàidhealtachd clo-bhuaileadairean a bharrachd 'son sganadh ultrasound airson fìor dheagh dhealbhan a dhèanamh a dh'aona-ghnothach gus am biodh cothrom air màthraichean leatromach dealbh den sgan a chumail den leanabh aca nan robh iad ga h-iarraidh.
"Tha na dealbhan seo aig ìre tòrr nas àirde na tha ospadalan eile a' cleachadh."
Agus dhearbh e gun cùm an t-ùghdarras slàinte a' dol leis na cosgaisean:
"Stèidhichte air an fhiosrachadh sin, cho-dhùin an t-ath-sgrùdadh gun leanadh NHS na Gàidhealtachd orra ag iarraidh airgid mu choinneamh nan sganaichean."
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 17 An t-Iuchar 2017