Call cosnaidh eile aig Raon nan Rocaidean

Raon nan Rocaidean Image copyright Nick Day

Dhearbh QintetiQ gu bheil aon duine a tha ag obair dhaibh air an cosnadh a chall aig Raon nan Rocaidean ann an Uibhist.

B' e manaidsear ghoireasan a bha san obair.

Thuirt QintetiQ cuideachd gu bheil dithis luchd-obrach eile air gluasad, ach gu bheil iad ag amas air na dreuchdan sin a lìonadh.

Bha a' chompanaidh Elior, a tha a' ruith ghoireasan bìdhe do QhinetiQ, air dearbhadh na bu tràithe air an t-seachdain seo gun deach naoinear a chur às an dreuchd.

Thàinig seo às dèidh co-chomhairle mu ghoireasan aig a' Champa an Iar ann am Baile a' Mhanaich.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile