Cion luchd-obrach a' dol a dhùnadh sgoile

Bun-sgoil Strath Chonain Image copyright Dave Fergusson/Geograph

Dùnaidh sgoil ann an Siorrachd Rois ri linn cion luchd-obrach.

Thig air 19 sgoilearan a tha an-dràsta a' frithealadh Bun-Sgoil Shrath Chonainn leth uair de thìde a bharrachd a shiubhal gu bun-sgoil eile.

Thuirt Stiùiriche a' Chùraim agus an Ionnsachaidh aig Comhairle na Gàidhealtachd, Uilleam Alexander, gun d' fhuair an dithis a tha an-dràsta ag obair ann am Bun-Sgoil Shrath Chonainn obair ùr.

Dh'innis Mgr Alexander cuideachd nach deach luchd-teagaisg fhastadh dhan bhun-sgoil.

Thuirt e gur e an rud as fheàrr dhan chloinn gum faigh iad oideachadh aig sgoil eile gus an tèid luchd-teagaisg fhastadh.

Dhearbh e gum bi aig na 17 sgoilearan agus an dithis cloinne a tha frithealadh a' chroileagain ri leth uair de thìde a bharrachd a shiubhal gu Bun-Sgoil Bruach Màiri.

Thèid litir a chur a dh'ionnsaigh phàrantan Dimàirt.

An t-seachdain seo, bidh a' chlann a' tadhal air Bun-Sgoil Bruach Màiri gus am fàs iad cleachdte ris an sgoil.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile