20 bliadhna de Dhrochaid Scalpaigh

Drochaid Scalpaigh Image copyright Chris Wimbush/Geograph

Bha 20 bliadhna ann air an deireadh-sheachdain bho rinn a' chiad tè de mhuinntir an eilein an slighe tarsainn Drochaid Scalpaigh.

B' ise Kirsty Mhoireasdan, a bha 103 bliadhna de dh'aois.

Chosg an drochaid £6.4m, agus 's ann ochd mìosan an dèidh sin a bha am fosgladh oifigeil ann nuair a thadhail Tony Blair, am Prìomhaire aig an àm.

Tha Alasdair MacLeòid, a tha a' fuireach an Scalpaigh, ag ràdh do rinn an drochaid diofar mòr.

Coimhearsnachd

"Chan eil agad ri do shùil a chumail air an uair a h-uile turas a dh'fhalbhas tu às an eilean."

"Nam biodh tu a' dol a Steòrnabhagh dh'fheumadh do shùil a bhith air an uair air eagal 's gun cailleadh tu an t-aiseag," thuirt e.

'S e fear de na h-amasan a bh' air cùlaibh a bhith a' togail na drochaid, daoine òga a chumail san eilean, a dhèanamh cinnteach gun cumadh a' choimhearsnachd a' dol.

Chan eil Mgr MacLeòid den bheachd ge-tà, gu bheil sin air tachairt.

"Chan urrainn dhomh a ràdh gu bheil e air sin a dhèanamh, ach tha e air sluagh a thoirt a-steach dhan eilean," thuirt e.

"Tha tòrr choigreah air tighinn a-steach dhan eilean ri linn na drochaid.

"Cha bhiodh daoine air a bhith cho deònach a bhith a' tighinn mura biodh an drochaid ann."

Bùithdean

Tha an drochaid cuideachd air buaidh a thoirt a thaobh a bhith a' ceannach stuth.

Tha Mgr MacLeòid ag ràdh gu bheil cùisean nas fhasa ann an seadh, ach tha e a' caoidh mar a dh'fhalbh bùithdean an eilein ri linn na drochaid.

"Bha tòrr bhùithdean againn ann an seo an Scalpaigh, agus bha sinn math dheth anns an dòigh sin.

"Ach air an làimh eile, faodaidh sinn a-nis mar a thathas a' cleachdadh, a dhol air an eadar-lìon agus thig Tesco chun an dorais againn," thuirt e.

Turasachd

Thug an drochaid togail air turasachd ann an Scalpaigh, agus e gu math nas fhasa do dhaoine a dhol ann a-niste.

"Na tha de na bhanaichean-campachaidh a tha siud as t-Samhradh, chan eil fois orra" thuirt Mgr MacLeòid.

"Tha mise a' fuireach ri taobh an rathaid an seo, agus chan eil ann ach sruth dhiubh a h-uile là a' dol seachad air an doras.

"Mura b' e an drochaid, 's dòcha gum biomaid a' cheart cho math dheth ann an dòigh, ach ann an dòigh eile cha bhiomaid cho math dheth.

"A' strì ri aiseag tarsainn a' chaoil ann an seo, bha e gu math cugallach uaireannan," thuirt e.