Call chosnaidhean aig Raon nan Rocaidean

Raon nan Rocaidean
Image caption 'S e a' chompanaidh QinetiQ a tha a' ruith raon nan rocaidean, agus tha companaidhean eile nan cùmhnantaich aig QinetiQ airson cuid de roinnean.

Tha am BBC a' tuigsinn gu bheil 17 cosnaidhean gan call aig Raon nan Ròcaidean ann an Uibhist.

Tha a' chompanaidh a tha a' ruith an ionaid, QinetiQ air lùghdachadh mòr a dhèanamh air an obair aca ann am Baile a' Mhanaich.

Thathas a' tuigsinn gur ann an sin a dh'fhalbhas a' mhòr-chuid de na cosnaidhean.

Thathas a' tuigsinn gun d' fhuair dusan neach a tha ag obair dhan chompanaidh Elior aig an làraich fios Dihaoine gun robh an obair aca ga gearradh

A bharrachd air a sin thathar a' tuigsinn gu bheil na h-uairean aig cuid de na bhios air fhàgail air an lùghdachadh.

Aig an aon àm, thathar a' tuigsinn gu bheil 5 dreuchdan eile gan call aig a' chompanaidh Mitie.

Measadh

Cha deach sin a dhearbhadh fhathast ach tha e dearbhte gu bheil a' chompanaidh a' measadh co mheud neachd-obrach air am bi feum aca san àm ri teachd aig raon nan rocaidean.

'S e a' chompanaidh QinetiQ a tha a' ruith raon nan rocaidean, agus tha companaidhean eile nan cùmhnantaich aig QinetiQ airson cuid de roinnean.

Tha cuid den dusan luchd-obrach a thathas a' tuigsinn a fhuair brath bho Elior ri glanadh, còcaireachd agus obair rianachd.

Thathas a' tuigsinn cuideachd gu bheil 25 uairean san t-seachdain aig tè de na dreuchdan sin, tha an còrr dhuibh ag obair eadar 30 agus 40 uair san t-seachdain, 's a' chuid mhòr dhiubh làn-ùine.

A thaobh nan dreuchdan aig Mitie, 's e obair gheàird a th' anns na 5 dreuchdan a thathas a' tuigsinn a tha a' dol à bith.

Tha geàrd aig geataichean a' Champa an Iar, an raon ann an Gèirinis agus aig Ruaidheabhal an-dràsta.

Leasachadh

Ach le atharrachadh a' dol air adhart aig a' Champa an Iar ann am Baile a' Mhanaich, chan eil dùil gum bi feum air geàrdan an sin fad na bliadhna mar a tha an-dràsta.

Bha dùil ri gearradh gu ìre, ged nach robh fios air meud a' chall, no cuin a thigeadh an t-atharachadh.

Aig toiseach na Dùbhlachd 2016 dh'innis QinetiQ gun robh leasachadh luach £60m ga dhèanamh aig raon nan rocaidean.

Mun aon àm leig iad fios gum biodh a' chuid mhòr den Champa an Iar ga thilleadh gu Ministearachd an Dìon.

Aig an àm sin thuirt QinetiQ gun robh dùil ann gun toireadh an ceum sin buaidh air suas ri sia cosnaidhean.

Thuirt neach-labhairt airson QinetiQ gum fuirich an Campa an Iar fosgailte às dèidh na h-obrach leasachaidh agus lùghdachadh air a thòisich anns an Dàmhair am-bliadhna.

Thuirt iad cuideachd mar thoradh air an lùghdachadh air a' ghoireas tha athrrachadh air thighinn air na tha de gheàrdan air a bheil feum agus mar sin tha iad air iarraidh air a' chùmhnantach aca, Mitie, measadh a dhèanamh air a sin agus tha iad air tòiseachadh air co-chomhairleachadh.

Draghan

Tha a' bhuidheann de chomhairlichean neo-eisimeileachd Uibhist is Bharraigh air am beachd a chur dhan BhBC.

Thuirt iad gu bheil iad air a bhith a' togail dhraghan mun chunnart mu dhùnadh a' Champa an Iar bho chionn grunn mhìosan.

"Tha sinn air bruidhinn ris an dà bhall pàrlamaid againn, agus ris a' chomhairle.

"Mhìnich sinn gu tric an t-uallach a bh'oirnn mun bhuaidh a bheireadh call chosnaidhean air an econamaidh chugallach againn."

"Tha e duilich gu bheil e a-nis soilleir gun deach bacadh a chuir air na h-oidhirpean againn, leis an fheadhainn a tha gan cuir fhèin air thoiseach air buaidh nan co-dhùnaidhean aca air na coimhearsnachdan far a bheil iad ag obrachadh.

Mar eisimpleir air a sin tha a' bhuidheann a' togail a' bhacaidh a chuir Ministearachd an Dion air cruinn gaoithe Uibhist a Tuath.

Mì-fhortanach

Lean a' bhuidhean orra ag ràdh gu bheil e mì-fhortanach gu bheil e mar-thà ro fhadalach airson grunn theaghlaichean ann an Uibhist a tha a-nis a' fulang buaidh gearadh chosnaidhean.

An am brath naidheachd, thuirt ball-pàrlamaid Westminster, Aonghas Brianan MacNèil:

"Tha Raon nan Rocaidhean a' toirt chosnaidhean do bharrachd dhaoine ann an Uibhist na companaidh sam bith eile agus bheir call chosnaidhean sam bith buaidh bhuaidh air an eaconamaidh.

"Às dèidh grunn cheistean a thogail leis an MOD, tha e follaiseach gu bheil iad toilichte an t-uallach airson nan obraichean seo a ghluasad gu QinetiQ agus do na cùmhantaich aca.

Tha mi air fios a chur air Qinetic a dh'iarraidh fiosrachaidh mu na dreuchdan air Raon nan Rocaidean."

Thuirt neach-labhairt aig QinetiQ:

"Leanaidh an Campa an Iar fosgailte agus ag obrachadh às dèidh obair-leasachaidh agus lùghdachadh air na goireasan.

"'S urrainn dhuinn dearbhadh gu bheil an cùmhnantach bìdh againn, Elior, air crìoch a chur air an obair aca measadh a dhèanamh air na feumalachdan 'son obair-stiùiridh air na goireasan a chaidh a lùghdachadh."