Soitheach bathair ga slaodadh

Bàta-teasairginn an t-Òib Image copyright RNLI an t-Òib

Chaidh loidhne a cheangal eadar soitheach bathair a th' air a bhith gun chumhachd an iar air na Hearadh bho fheasgar Diardaoin, agus bàta-slaodaidh nam Maor-Cladaich.

Chaill am Fame, a bhios a' giùlain biadh èisg, cumhachd mu 5:30f, an iar air Tarasaigh.

A dh'aindeoin gaoithe mhòir, chaidh aig a' chriutha de chòignear air dà acair a chur an sàs gus a cumail ann an uisge domhain fhad 's a bha iad a' feitheamh air na Maoir-Chladaich.

Chuir dà bhàta-teasairginn agus heileacoptair Mhaor-Cladaich Steòrnabhaigh a' mhòr-chuid den oidhche seachad ri taobh, agus a' ghaoth a' ruighinn 50m.m.s.u. aig amannan.

Ràinig bàta-slaodaidh nam Maor-Cladaich, a tha stèidhichte an Arcaibh, an làrach an-diugh sa mhadainn, agus chaidh loidhne a cheangal eatorra, airson a toirt air falbh airson obair-càraidh.

Tha bàta-teasairginn an t-Òib a-niste air tilleadh gu port.

Tha bàta-teasairginn Steòrnabhaigh fhathast aig an làraich.

Tuilleadh air an sgeulachd seo