Taigh-Dhealbh Cheann Loch Chille Chiarain
- Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, Gary Sutherland
Chaidh an taigh-dhealbh a dhùnadh ann an 2014 airson a leasachadh.
Fosglaidh Taigh-Dhealbh Cheann Loch Chille Chiarain às ùr dhan phoball an ath-sheachdain às deidh obair-leasachaidh mhòìr.
Chaidh an taigh-dhealbh, a chaidh a thogail ann 1913 ann an stoidhle art deco, a dhùnadh ann an 2014 agus chaidh £3.5m a chosg ga leasachadh.
'S e fear de na dhà thaigh-dhealbh ann an Alba air a bheil inbhe dìon A.
Chaidh an obair a mhaoineachadh le grantaichean bho Riaghaltas Westminster agus Dhùn Èideann, Maoin Dualchais a' Chrannchuir Nàiseanta agus le taic bhon phoball.
'S e am fiolm Star Wars ùr - The Last Jedi - a' chiad fhear a thèid a shealltainn anns an taigh-dhealbh nuair a dh'fhosglas e a-rithist Dihaoine, an 22mh là den Dùbhlachd.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 19 An Lùnastal 2014