Beachdachadh air foghlam Gàidhlig
- Air fhoillseachadh
Coinnichidh pàrantan ann an Inbhir Nis oidhche Ardaoin a bheachdachadh air dè tha ro fhòghlam Gàidhlig anns a' bhaile.
Tha Bunsgoil Ghàidhlig Inbhir Nis faisg air a bhith làn.
Tha an tè a th' ann ann an sgìre den bhaile a tha a' fàs gu mòr le taighean ùra, 's tha miann aig a' Chomhairle a tionndadh na sgoil Bheurla.
Chan eil sgoil Bheurla san t-Slag Bhuidhe an-dràsta.
Tha roghainn aig a' Chomhairle eadar a bhith a' cur ris an sgoil a th' ann, no a bhith a' togail sgoil ùir Ghàidhlig a tha nas motha airson an àm ri teachd.
'S iad Comhairle Phàrantan na sgoile a chuir a' choinneamh air dòigh gus an tèid na beachdan aca a chluinntinn.
Chaidh an sgoil a leudachadh mar thà bho chionn beagan bhliadhnaichean, agus dà sheòmar clas gan cur rithe.
Chan eil coltas gun tachair sin a-rithist ge-tà, air grunn adhbharan, nam measg gum fàgadh e an sgoil le rùm gu leòr airson teagaisg, ach le goireasan eile a bhiodh ro bheag.
Cuideachd 's ann fo sgeama PFI a chaidh an sgoil a thogail, agus tha sin ga dhèanamh nas toinnte a thaobh a bhith ga leudachadh.
Tha dùil gur e sgoil Ghàidhlig ùr a thèid a roghnachadh, leis gun sàbhaileadh sin airgead don Chomhairle, agus gum faigheadh iad taic-airgid a bharrachd on Riaghaltas air a son.
Tha Comhairle na Gàidhealtachd air prìomhachasan a chur ann am plana ochd bliadhna airson dèiligeadh ri dìth àiteachan sgoile an Inbhir Nis.