An Chennai 6 "air an trèigsinn"
- Air fhoillseachadh

Tha Billy Irving - fear den t-sianar Bhreatannach a chuir seachad ceithir bliadhna anns a' phrìosan anns na h-Innseachan - air càineadh a dhèanamh air mar a dhèilig Riaghaltas Bhreatainn ris a' chùis aca.
Chaidh a' bhuidheann a chur an grèim air casaidean armachd ann an 2013.
Chaidh an saoradh bho chionn cola-deug nuair a shoirbhich le ath-thagradh an aghaidh an dìtidh.
Thill Mgr Irving air ais a dh'Alba an t-seachdainn seo chaidh.
Slaic
Ann an agallamh leis an Scottish Mail on Sunday, thuirt Mgr Irving gum biodh iad air an saorsa fhaighinn na bu luaithe mas e 's gum biodh Riaghaltas Bhreatainn air strì na bu làidire a dhèanamh dhaibh.
Thuirt fear-labhairt bho Oifis nan Dùthchannan Cèin gu robh iad air obair gun sguir air cùl ghnothaichean ann an oidhirp na fir a shaoradh.
Ach thuirt Mgr Irving nach b' urrainn dha mathanas a thoirt do Riaghaltas Bhreatainn, neo do dh'Oifis nan Dùthchannan Cèin, airson mar a dhèilig iad riutha.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 6 An Dùbhlachd 2017