"Cabhag" le poileasaidh ùr an iasgaich

Air fhoillseachadh

Tha ceannardan an iasgaich ag iarraidh gun tèid poileasaidh ùr a chur an sàs glè sgiobalta às dèidh Brexit.

Tha Caidreachas Iasgairean na h-Alba ag ràdh nach toireadh e ach mu naoi mìosan Breatainn a tharraing a-mach à poileasaidh coitcheann an iasgaich.

Bha gnìomhachas an iasgaich am-measg na bha gu làidir airson Breatainn a thoirt a-mach às an EU.

Tha seo a' tighinn agus còmhraidhean a' tòiseachadh anns a' Bhruiseal Diluain mu chuotathan na h-ath-bhliadhna.

Thuirt fear-labhairt bho Roinn na h-Àrainneachd, a' Bhìdhe agus nan Gnothaichean Dùthchail gun obraich ministearan le Riaghaltasan na h-Alba, na Cuimrigh agus Èirinn a Tuath airson an roinn a dhèanamh nas prothaidiche agus nas seasmhaiche.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh