Foghlam Gàidhlig Dhùn Èideann ga ghluasad?

Air fhoillseachadh
tùs an deilbh, Google
fo-thiotal an deilbhThathar a' meas nach bi àitean gu leòr ann an Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbaig anns an ùine a tha romhainn airson na bhios ann de sgoilearan.

Tha dùil gun tòisich co-chomhairle neo-fhoirmeil sa Bhliadhn' Ùir mu bhith a' gluasad sgoilearan Gàidhlig Dhùn Èideann bho Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbaig gu Sgoil Coimhearsnachd Dhrummond.

Thathar a' meas nach bi àitean gu leòr ann an Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbaig anns an ùine a tha romhainn airson na bhios ann de sgoilearan.

Thathar a' tomhais gum bi 1,537 sgoilear ann an Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbaig ron bhliadhna 2021, 's gun rùm innte ach airson 1,300.

Tha Sgoil Coimhearsnachd Dhrummond faisg air Bun-sgoil Taobh na Pàirce agus tha beachd ann gun gabhadh goireasan a roinn eatorra.

Tha dùil cuideachd gum bi Bun-sgoil Taobh na Pàirce faisg air a bhith làn ro 2021.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh