Buaidh Stoirm Caroline mu thuath

Air fhoillseachadh
Fo-thiotal a’ bhidio, Stoirm Caroline a' bualadh air Malaig

Tha Stoirm Caroline air buaidh a thoirt air seirbheisean còmhdhail agus air grunn mhath sgoiltean a dhùnadh sa cheann a tuath agus air an taobh siar.

Dh'fhoillsich Oifis na Sìde rabhadh orainds airson ceann a tuath agus earra thuath na h-Alba far a bheilear ag iarraidh air daoine a bhith "air am facaill".

Chuir iad rabhadh buidhe a bhith "mothachail" an sàs airson meadhan agus ceann a deas na h-Alba.

Thuirt Oifis na Side gu robh dùil gu ruigeadh neart na gaoithe 90msu ann an cuid de sgìrean.

Dh'aithris Sreapdaireachd na h-Alba gun deach usbagan de 116msu a chlàradh aig mullach a' Chàirn Ghuirm sa Mhonadh Ruadh.

Chaidh usbagan de 91msu a chlàradh aig Ionad Dhun Ratha ann an Gallaibh.

Sgoiltean

Dhùin h-uile sgoil agus sgoil-àraich anns na h-Eileanan an Iar agus chaidh mu 55 sgòil agus sgòil-àraich air Ghàidhealtachd agus dhà ann an Earra Ghàidheal a dhùnadh cuideachd.

Dhùin sgoiltean Arcaibh aig 11:30 le sgoiltean Shealtainn a' dunadh aig àm lòn.

Bidh sgòiltean Shealtainn dùinte a-màireach cuideachd.

Fo-thiotal a’ bhidio, Luchd-obrach SSE air loidhneachan a chàradh

Chaidh cumhachd an dealain a thilleadh gu mu 3,000 dachaigh air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan a bha air a chall.

Bha mu 800 dachaigh fhathast gun dealan mu 1f.

Còmhdhail

Tha mòran seirbheisean aiseig ChalMac dheth 'son an latha, le dàil air seirbheisean eile.

Chuirear na seirbheisean aiseig a Shealtainn a-nochd dheth agus thuirt Serco Northlink gur dòcha gun deadh na seòlaidhean à Lerwick agus Obar Dheathain a chur dheth a-màireach cuideachd.

Tùs an deilbh, KAREN MUNRO
Fo-thiotal an deilbh, Caladh Sgabastair ann an Gallaibh

Chaidh seirbheisean Aiseig a' Chorrain ann an Loch Abar a chur dheth tràth sa mhadainn, ach bha am bàt-aisgeig a' ruith a rèir a' chlàr-ama ro mheadhan là.

Chan eil seirbheisean rèile a' ruith eadar Inbhir Nis agus Obar Dheathain, Inbhir Ùige, Inbhir Theòrsa neo an Caol.

A thuilleadh air a sin cha bhi seirbheisean eadar Glaschu agus an t-Òban, an Gearasdan agus Mallaig.

Dhearbh Scotrail nach biodh iad a' cur seirbheis bus air dòigh nas motha.

Fo-thiotal an deilbh, Obair glanaidh ga dhèanamh ann an Inbhir Nis

Chuir Stagecoach stad air na seirbheisean acasan mu thuath.

Thugar rabhadh do choimhearsnachdan a tha mu na cladaichean ann am Moireibh gum faodadh suailichean mòra a bhith ann agus tha luchd-obrach comhairle ullaichte airson pocanan-gainmhich a thoirt do daoine.

Dh'fhoillsich Oifis na Sìde rabhadh "buidhe" 'son sneachd, deigh agus gaoth làidir Dihaoine agus Disathairne ann am mòran sgìrean den Rìoghachd Aonaichte.

Tuilleadh air an sgeulachd seo