Dùblachadh air dràibheadh fo bhuaidh sna h-Eileanan Siar

Thuirt Ceannard nam Poileas anns na h-Eileanan an Iar gun tàinig dùblachadh, gu ruige seo am-bliadhna, an coimeas ris an-uiridh, air an àireamh chùisean de dhràibheadh fo bhuaidh deoch no drogaichean.

Dh'innis an t-Àrd-Inspector Gòrdan MacLeòid do bhuill Comhairle nan Eilean Siar an-diugh gun robh 17 cùisean ann air a' bhliadhna eadar 2016 is 2017, ach gu bheil 40 cùis air a bhith ann gu ruige seo air a' bhliadhna 2017 gu 2018.

Thuirt e gum bi na Poilis ag àrdachadh na h-iomairt aig àm na Nollaige agus na Bliadhna Ùire.