200 bliadhna de Chourier Inbhir Nis

Leth-bhreac de Chourier Inbhir Nis bho 1817 Image copyright Inverness Courier
Image caption Chaidh Courier Inbhir Nis a chlo-bhualadh an toiseach ann an 1817.

Tha Courier Inbhir Nis a' comharrachadh 200 bliadhna bho nochd am pàipear-naidheachd 'son a' chiad uair.

Chaidh a chlo-bhualadh 'son a' chiad uair san Dùbhlachd 1817.

Ann an 1933, b' e a chiad phàipear a dh'fhoillsich aithris mu shealladh de dh'Uilebheist Loch Nis.

Sgrìobh fear-naidheachd Chille Chuimein, Alec Campbell, mu na dh'innis Aldie NicAoidh dha, 's i den bheachd gum faca i Niseag.

Thug e iomradh air biast coltach ri muc-mhara agus mar a bha an t-uisge "a' goil 's a' cur charan".

Mhol an deasaiche aig an àm, Evan Barron, "uilebheist" a ghabhail air a' bhiast, a' tòiseachadh uirsgeul Uilebheist Loch Nis mar is aithne dhuinn an-diugh e.

Tha Courier Inbhir Nis air a chlo-bhualadh dà thuras san t-seachdain.

Iongantach

Thar nam bliadhnaichean, tha aithrisean air nochdadh ann mu sgeulachdan leithid fosgladh a' Chanàil Chailleanaich ann an 1822 agus Drochaid Cheasaig ann an 1982.

Thuirt Gòrdan Fyfe, a bha na fhear-naidheachd aig a' Chourier sna 70an, gu bheil am pàipear fìor chudromach do dh'Inbhir Nis.

"'S e 200 bliadhna de bhith a' frithealadh na coimhearsnachd a th' ann.

"Tha e dìreach iongantach gu bheil am pàipear air a' chlach-mhìle a tha seo a ruighinn," thuirt e.

Thuirt Mgr Fyfe cuideachd gu bheil an Courier air obair mhòr a dhèanamh a thaobh a bhith a' toirt taic do dh'iomairtean coimhearsnachd.

Am measg nan iomairtean sin, thog iad £2m airson uard chloinne aig Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis.