BBC Naidheachdan

Blàthas gun bhrìgh?

Niall O'Gallagher
Fear-naidheachd poileataigeach
@BBCNiallOGon Twitter

Published

Is ann ainneamh a thig prìomhaire sam bith a-mach tro dhoras dubh Àireamh a Deich gus fàilte a chur air luchd-tadhail.

Ach an t-seachdainn-sa chuir Theresa May fàilte shònraichte air a h-aoigh.

Is ann mar sin a chuir Nicola Sturgeon fàilte oirrese air a ciad chuairt a-mach à Westminster o chaidh Theresa May na prìomhaire, gu Dùn Èideann an-uiridh.

As bith do bheachd air na bu chòir tachairt anns an am ri teachd, an-dràsta is i dreuchd a' phrìomhaire an tè as àirde.

Agus ged nach canadh i fhèin seo gu poblach tha gu leòr ann am pàrtaidh Theresa May a tha creidsinn nach bu chòir inbhe nas àirde a thoirt do Nicola Sturgeon na bheireadh do Rùnaire Stàite leithid Dhàibhidh Mundell.

Ach tha adhbharan gu leòr aig a' phrìomhaire urram a nochdadh do chòmhnaiche Taigh Bòid.

Aonta

A dh'aindeoin an adhartais a rinneadh le Ruth Davidson aig taghadh na bliadhna-sa, tha astar mòr fhathast eadar na Tòraidhean agus cumhachd ann an Alba.

Agus ged nach eil mòr-chuid de dh'Albannach deiseil gus ceist na neo-eisimeileachd a fhreagairt a-rithist, tuigidh Theresa May gun cuireadh ris an taic air a son nam bu choltach nach robh Westminster ag èisteachd riutha.

Is e am briathar a dh'innseas, ach an gnìomh a dhearbhas.

Ged a dh'innis Nicola Sturgeon do na camarathan a bha a' feitheamh oirre taobh a-muigh gur e coinneamh "na b' fheàrr" a bha innte, bu bheag an fhianais gu bheil iad aon cheum nas fhaisge às a dèidh.

Tha an dà thaobh ag ràdh gu bheil iad ag iarraidh aonta.

Ach is e gnìomhan seach briathran a dhearbhas sin.

Cumhachdan

Eatorra, tha cumhachdan a tha air a bhith thuige seo gan cur gu feum aig ìre an Aonaidh Eòrpaich ach nach eil glèidhte do Westminster fo Achd na h-Alba.

Tha Riaghaltas an h-Alba a' cumail a-mach gum bu chòir do na cumhachdan sin tighinn gu Alba, Àireamh a Deich gum chòir dhaibh tighinn gu Westminster.

Gun aonta air an sin, cha bhòt Pàrlamaid na h-Alba - no Seanadh na Cuimrigh - gus cead a thoirt seachad airson Bile na h-Ais-ghairme, a bheir lagh na h-Eòrpa a-steach gu lagh na dùthcha.

Bhòt na cumantan gu mòr an aghaidh gluasad nam ball Albannach agus Cuimreach a thuirt gum bu chòir an cead sin a bhith deatamach mus deigheadh am bile troimhe.

Ach tha Theresa May a' sabaid air iomadh taobh an-dràsta.

Sin aon trot a b'fheàrr leatha seachnadh.