Dragh mu ghairmean èiginn

Poileas Alba

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air iarraidh air Poileas Alba a bhith nas fhosgailte mu mhearachdan le gairmean chun nan ionadan stiùiridh aca.

Thog Tòraidhean na h-Alba dragh an t-seachdain seo chaidh nach deach còrr is 200 gairm a fhreagairt san dòigh cheart sa bhliadhna a dh'fhalbh.

Thuirt iad gur dòcha gun deach oifigearan a chur gu na seòlaidhean ceàrr air sgàth is gun robh eòlas ionadail air a chall.

Chaidh ionad-stiùiridh nam poileas ann an Obar Dheathain a dhùnadh mar-thà, is dùil gun dùin ionad Inbhir Nis tràth ann an 2018.

Thuirt Poileas Alba nach eil ceangal idir eadar an dà rud.

Thuirt iad gum bi daoine uaireannan a' dèanamh mhearachdan, is gum feum iad ionnsachadh bho na thachair is adhartas a dhèanamh.

Tha Comhairle na Gàidhealachd ag iarraidh barrachd soillearachaidh.

"Às dèidh draghan a bhith air an togail, feumaidh sinn dèanamh cinnteach gu bheil tuigse aig daoine air mar thathar a' dèiligeadh ri gairmean èiginn", thuirt Ceannard Comhairle na Gàidhealtachd, Mairead Davidson.

"Tha sinn ag iarraidh còmhraidhean ùra ri Luchd-sgrùdaidh nam Poileas is ri Poileas Alba.

"Tha sinn airson a bhith cinnteach gu bheil measadh ga dhèanamh air na h-ionadan stiùiridh is gum bi iad nas fhosgailte mun ghnothach air fad" thuirt i.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile