Dòchas mu Bhilly Irving

Billy Irving

Dh'fhaodadh gu bheil adhartas ann an cùis nam Breatannach a chaidh a chur dhan phrìosan ann na h-Ìnnseachan an-uiridh.

Tha Billy Irving às Earra-Ghàidheal am measg na buidhne de shianair, a bha roimhe nan saighdearan.

Bha na Breatannaich ag obair gus dìon a chur air soithichean coimearsalta bho spùinneadairean nuair a chaidh an cur an grèim ann an 2013 air casaidean gun robh iad air armachd a thoirt a-steach gu uisgeachan nan Ìnnseachan.

Chaidh binn prìosain 5 bliadhna orra ann an 2016.

Tha na fireannaich a' cumail a-mach gu bheil iad neo-chiontach.

Thuirt leannan Billy Irving, Yvonne McHugh, gu bheil i a-nise nas dòchasaich mun t-suidheachadh.

Cùirt

Tha ath-thagradh a' dol mu sgiobair a' bhàta air an robh na Breatannaich ag obair.

Tha Dudnyk Valentyn às an Ugràin a' fulang le aillse, is tha am fear-lagha aige ag ràdh gum bu chòir dha a bhith air a shaoradh.

Thathas an dòchas gun tachair sin, is gum faodadh gum faigh an fheadhainn eile a-mach às a' phrìosan cuideachd.

Dh'innis Yvonne McHugh gu bheil iad a' feitheamh fios mun ath-thaghradh is na h-argamaidean mu dheireadh sa chùirt Dimàirt.

Thuirt i gum bi dùil an uairsin ri co-dhùnadh bhon chùirt ann an cola-deug.

Thuirt i gu bheil dòchas ann gur dòcha gum faigh Mgr Irving dhachaigh ro Àm na Nollaige.

Tuilleadh air an sgeulachd seo