Taic-airgid a bharrachd do learngaelic

Iain Swinney BPA.
Image caption Chaidh an t-airgead fhoillseachadh le Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Iain Swinney BPA.

Dh'fhoillsich Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Iain Swinney BPA, £25,000 de thaic-airgid a bharrachd airson làrach-lìn do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig a leasachadh.

Tha 'learngaelic.scot' a' tabhann chùrsaichean, fiosrachaidh agus ghoireasan do dhaoine a tha airson Gàidhlig ionnsachadh.

Rinn e seo aig co-labhairt luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, "Còmhla" ann an Sruighlea air an deireadh-sheachdain.

Bha mu 120 neach an làthair aig an dàrna co-labhairt aig Còmhla, a tha ag amas air luchd-ionnsachaidh, luchd-oideachaidh agus buidhnean Gàidhlig bho air feadh na h-Alba a thoirt còmhla.

Dualchas

Am measg na bha an làthair, agus a chuir fàilte air an taic-airgid, bha Àrd-Oifigear Ionad-ionnsachaidh na Cuimris, Efa Gruffudd Jones.

Thuirt i gu bheil taic bho na pàrtaidhean poileataigeach uile riatanach airson luchd-ionnsachaidh a bhrosnachadh.

"Tha mi smaointinn gu bheil a h-uile duine sa Chuimrigh a' tuigsinn gu bheil Cuimris na pàirt de dhualchas na Cuimrigh ma tha an cànan aca gus nach eil.

"Agus cuideachd gur ann leis a h-uile duine a tha Cuimris, ma tha comas labhairt aca gus nach eil.

A rèir cuid ge-tà, tha na goireasan a tha rim faighinn do dh'inbhich a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig air crìonadh gu ìre.

Teicneòlas

Thuirt Ruairidh MacIlleathain, a bha na fhear-an-taighe aig an tachartas: "Ann an cuid de dhòighean tha gnothaichean air a dhol air ais beagan a-thaobh luchd-ionnsachaidh inbheach.

"Chaill sinn Clì Gàidhlig - a' bhuidheann a bha a' toirt taic dhaibh, agus chan eil buidheann sam bith eil air thighinn na h-àite.

Ach thuirt e cuideachd gu bheil adhartas a' tighinn ann an roinnean eile.

"Tha rudan a' dol air adhart co-dhiù - teagasg Gàidhlig ann an diofar shuidheachaidhean.

"Tha tòrr a' dol cuideachd air làrich-lìn learngaelic.scot, agus tha sinn a' faicinn ghnothaichean ag adhartachadh a-thaobh teicneòlais agus ann an dòighean ann a bhith a' cleachdadh teicneòlais 'son Gàidhlig ionnsachadh.