Ceistean mòra mu BiFab

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Dragh air CnES mu na tha an dàn do BiFab.

Tha còmhraidhean a' dol mu shuidheachadh na companaidh BiFab, leis a bheil Gàrradh Àranais ann an Leòdhas.

Thàinig e am bàrr Disathairne gun robh BiFab air pàipearan a chur chun na cùirteach a' foillseachadh gun robh iad a' beachdachadh air a' chompanaidh a chur fo stiùir luchd-rianachd.

Tha sin a' fagail ceist mu na ceudan de chosnaidhean agus mu Àranais fhèin, a bharrachd air an dà ghàrradh aig BiFab ann am Fìobha.

Thuirt an t-aonadh Unite Diluain gun deach innse dhaibh nach eil airgead ann airson luchd-obrach a phàigheadh an t-seachdain seo.

Staing

Thathas a' tuigsinn gu bheil na trioblaidean ionmhais aig BiFab co-cheangailte ri pròiseict mhòr Bheatrice ann an Linne Mhoireibh.

Fhuair BiFab cùmhnant luach £100m an-uiridh gus seacaidean stàilinn a thogail dhan tuath-gaoithe.

Thuirt aonadh an GMB nach deach còmhraidhean a chumail riutha thuige seo idir.

Tha feum air soilleireachadh, thuirt iad, air ciamar a fhuair a' chompanaidh ann an toll ionmhais dìreach bliadhna às dèidh dhaibh cùmhnant luachmhor fhaighinn.

Taic

Dh'iarr an GMB agus t-aonadh Unite air Riaghaltas na h-Alba a dhol an sàs gus luchd-obrach BiFab a dhìon.

Thuirt iad nach bu chòir obair Bheatrice a thoirt air falbh bho BiFab a-muigh no a-mach.

Tha suas ri 150 luchd-obrach aig Àranais an-dràsta.

Bha dùil gum biodh obair ann dhaibh gu deireadh an Fhaoillich.

Buille

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gur e e buille mhòr a bhios ann ma thèid na cosnaidhean a chall.

"Saoilidh mi gum bi sinn fhèin nar pàirt de na còmhraidhean eadar an luchd-obrach agus na h-aonaidhean", thuirt Fear-Gairm na Comhairle, Tormod Dòmhnallach.

"Cuideachd bidh còmhraidhean againn ris an Riaghaltas agus le HIE mu dheidhinn dè ghabhas a dhèanamh gus taic a chumail ris a' ghnìomhachas agus a' chompanaidh, ma 's e is gun lean a' chompanaidh a tha seo.

"Mura lean a' chompanaidh bidh sinn a' coimhead ri dè ghabhas a dhèanamh gus companaidh eile a tharraing a-steach airson an obair a tha seo a dhèanamh oir bidh sinn an dòchas, ma 's e is gum faigh sinn càball gu Tìr-Mòr a thaobh nan tuathan-gaoithe, bhiodh sinn an dòchas gum biodh tòrr den obair a tha sin ga dèanamh ann an Àranais", thuirt e.

Thuirt BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan, gun do bhruidhinn e ri Ministear a' Ghnothachais, Pòl Wheelhouse, mun chùis, 's gun do dh'innis e dha cho cudromach 's a tha na h-obraichean do dh'eaconamaidh nan Eilean.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile