Drogaichean air Ghàidhealtachd

Tha triùir fo chasaid às dèidh mar a chaidh drogaichean fhaighinn ann an Inbhir Nis agus anns a' Bhlàr Dhubh.

Tha dùil ri dithis fhireannach, aois 22 agus 62, anns a' chùirt ann an Inbhir Nis Dihaoine.

Tha seo an dèidh mar a fhuaireas crack cocaine agus heroin, luach mu £3000, anns a' bhaile.

Tha boireannach, 57, fo chasaid anns a' Bhlàr Dhubh, an dèidh mar a chaidh heroin luach £1,600 a lorg ann an taigh sa bhaile.

Chaidh suim airgid a lorg san taigh cuideachd.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile