Dragh mu ghairmean poilis

Ionad stiuiridh phoileas
Image caption Dùinidh ionad Inbhir Nis anns an Fhaoilleach an ath-bhliadhna.

Tha Poileas Alba a' dol às àicheadh gu bheil mar a chaidh seirbheisean agus goireasan a thoirt còmhla a' dèanamh thrioblaidean.

Sheall figearan air an d' fhuair am Pàrtaidh Tòraidheach greim gun deach mearachdan a dhèanamh ann am mu 200 cùis far an do dh'fhòn ball den phoball thuca anns a' bhliadhna a dh'fhalbh.

Dùinidh seòmar stiùiridh Inbhir Nis san Fhaoilleach a' fàgail gur ann ann an Dùn Dè a thèid gairmean bhon Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan a fhreagairt.

Thuirt an Iar-Àrd-Chonastabal, Nelson Telfer, gum bi iad a' dèiligeadh ri còrr air dà mhillean gairm sa bhliadhna, agus mar sin gur ann ann an àireamh ghlè bheag de chùisean a chaidh mearachdan a dhèanamh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo