Mì-chinnt mun iasgach

Iasg
Image caption Tha mì-chinnt ann mun bhuaidh a bheir Brexit air an iasgach.

Thug Riaghaltas na h-Alba rabhadh gum faodadh a' mhì-chinnt mu Bhrexit buaidh a thoirt air na còmhraidhean mu chuotathan an iasgaich an ath-mhìos.

Bidh riochdairean iasgaich na Rìoghachd Aonaichte a' coinneachadh Dihaoine air thoiseach air na còmhraidhean sin.

Thuirt Rùnaire na h-Eaconamaidh Dùthchail, Fearghas Ewing, gun robh eas-aonta mu stocan agus cho toinnte 's a tha saidheans na cùise a' fàgail gu bheil còmhraidhean na bliadhna seo buailteach a bhith gu h-àraid duilich.

Tha ceistean mun phròiseas airson Breatainn a tharraing a-mach às an Aonadh Eòrpach a' cur ris a' mhì-chinnt, thuirt e.

Dh'iarr e air Riaghaltas Westminster fiosrachadh a chumail riutha mu na th' anns an amharc aca.

Thuirt fear-labhairt bho Riaghaltas Westminster gun robh iad ag aithneachadh cho cudromach 's a tha gnìomhachas an iasgaich do dh'Alba agus gun obraich iad leis na riaghaltasan fèin-riaghailte airson an t-aonta as fheàrr as urrainn dhaibh fhaighinn.