Taighean mì-fhreagarrach anns an Eilean Sgitheanach?
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Beachd gum faodadh taighean mì-fhreagarrach call a dhèanamh air gnìomhachas na turasachd

10 An t-Samhain 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Faodaidh an seòrsa taighean a tha gan togail ann an àiteachan mar an t-Eilean Sgitheanach droch bhuaidh a thoirt air gnìomhachas turasachd san sgìre.

Sin a rèir àrd-ollamh aig Oilthigh Robert Gordon ann an Obar Dheathain, 's e dhen bheachd nach eil tòrr de na taighean a tha a' dol an-àirde idir a' freagairt air àrainneachd an eilein.

Tha an aithris-sa às an Eilean Sgitheanach aig Alasdair MacLeòid.